Title: http:www'bbc'co'ukbroadbandmediawrapperconsolesnewsroundbb_rm_console'shtmlpack2cn_asbo_extra_4x3
1(No Transcript)
2A bheil ASBOs gu feum?
http//www.bbc.co.uk/broadband/mediawrapper/consol
es/newsround/bb_rm_console.shtml?pack2-cn_asbo_ext
ra_4x3
3Riaghaltas na h-Alba Dhfheuch Sgrùdadh ann an
2004/05 ri faighinn a-mach co-dhiù s e daoine fa
leth no buidhnean a bha ri eucoirean ASBO. Dhe na
tagraidhean a rinneadh ann an 2004/05, b e aon
duine a rinn a mhòr-chuid dhiubh (64). Bha
teaghlaichean an sàs ann am faisg air cairteal
dhiubh, agus b e dìreach 10 san robh buidheann
an sàs .
4Alba daoine a fhuair ASBO ann an 2005/06
http//www.scottishexecutive.gov.uk/Resource/Img/1
56216/0046627.gif
5- AIRSON ASBO bho http//www.headsup.org.uk/content/
default.asp?pages95_3 - Tha daoine a tha a cur taic ri ASBO ag ràdh gu
bheil an dòigh a tha an riaghaltas a dèiligeadh
ri dol-às mì-shòisealta a gabhail a-steach
bacadh, taic agus cur an gnìomh ach s e an rud
as cudromaiche gu bheil rudeigin ga dhèanamh gus
faothachadh a thoirt dha na coimhearsnachdan. - - Thuirt Louise Casey (stiùiriche nàiseanta san
aonad ann an Oifis na Dùthcha a tha a dèiligeadh
ri dol-às mì-shòisealta) Our experience is that
where dispersal orders are working well, crime
has collapsed where publicity has been used in
ASBO cases, people have been empowered to come
forward where previously they were intimidated
and where action is taken through warnings or
acceptable behaviour contracts, problems are
nipped in the bud. Police, local authorities and
residents are telling us that this action is
creating safer, better places to live." - Tha dol-às mì-shòisealta air fàs cho cumanta s
gum feumar rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. - Tha ASBOs a sealltainn gu soilleir nach tèid
gabail ri dol-às mì-shòisealta - - Tha ASBOs a toirt beatha shìtheil dhan
mhòr-chuid
6- AN AGHAIDH ASBO bho http//www.headsup.org.uk/cont
ent/default.asp?pages95_3 -
- Tha daoine an aghaidh ASBOs ag ràdh gur e peanas
a th annta a dhfhaodas eucoirich a dhèanamh de
dhaoine nach do rinn eucoir. Tha ASBOs a dol air
daoine fon lagh chatharra, agus faodar an cur air
duine gun fhianais ach dìreach air facal
cuideigin fiù s ged a dhfhaodadh duine a dhol
dhan phrìosan ma bhriseas e cùmhnant ASBO. - - Tha dragh ann gu bheil asbos a dol air daoine
so-leòinte a tha a cur feum air taic agus
cuideachadh. Tha ASBOs a dol air inbhich
so-leòinte, mar daoine a tha ciorramach nan
inntinn no le trioblaid dhrugaichean, deoch no
eile. - - Chan eil mìneachadh "anti-social behaviour"
idir soilleir san lagh. Mar sin, chaidh ASBOs air
daoine airson a bhith a cluich ball-coise no
teanga gheur. - Tha cuid de bhuidhnean a cumail a-mach gu bheil
ASBOs a cur am meud àireamh nan daoine a tha sa
phrìosan, le daoine a dol dhan phrìosan air
sgàth cùmhnant ASBO a bhriseadh fiù s nuair nach
biodh an duine air a dhol phrìosan airson na h-
eucoir a bh ann o thùs . - Faodar cuideachd duine a gheibh ASBO ainmeachadh
agus a nàrachadh. Faodar na dealbhan aca is
fiosrachadh mun deidhinn fhoillseachadh sna
pàipearan ionadail agus ann am bileagan far a
bheil iad a fuireach. - - Chan eil ASBOs a dèanamh càil airson
dèiligeadh ri na h-adhbharan airson dol-às
mì-shòisealta agus faodaidh e dreach claon a
thoirt air an obair gus coimhearsnachdan nas
làidire a thogail. Tha daoine a tha an aghaidh
ASBOs ag ràdh gu bheil àireamhan Oifis na Dùthcha
a sealltainn gun do deach còrr is 4 à 10 ASBO a
bhriseadh.
7- San Ògmhios 2005 chaidh beachdan iarraidh air
ASBOs air cuid dhen phoball le Mori, agus sheall
an rannsachadh - - Tha taic mhòr ann airson ASBOs a chur air
daoine a tha ri dol-às mì-shòisealta. Tha 8
a-mach à 10 (82) air a shon, agus dìreach glè
bheag (5) na aghaidh. - Tha am poball a toirt
taic do dhASBOs fiù s ged nach eil dearbhadh
ann air dè cho èifeachdach s a tha iad. Dhen
fheadhainn a chuala mu dheidhinn ASBOs, tha 4
a-mach à 10 dhen bheachd gu bheil iad math airson
stad a chur air daoine bho bhith ri dol-às
mì-shòisealta (39), ach tha 46 dhen bheachd
nach eil. - Co-dhiù, chan eil a mhòr-chuid dhen bheachd gu
bheil ASBOs gun fheum - chan eil ach 20 ag aontachadh gu bheil iad a
dèanamh barrachd cron na feum. Tha 41 a dol an
aghaidh seo. - - Saoilear bhon sgrùdadh aig MORI gur e pàirt
dhen adhbhar a tha cuid a toirt taic do dh
ASBOs gu bheil iad a sealltainn gu bheil
rudeigin ga dhèanamh. Tha a mhòr-chuid dhen
bheachd gu bheil ASBOs èifeachdach tha are 7
a-mach à 10 ag aontachadh gu bheil ASBOs a
sealltainn do dhaoine nach tèid gabhail ri dol-às
mì-shòisealta (70). Ged a tha taic mhòr ann
airson ASBOs, tha daoine nas buailtiche a bhith
ag iarraidh rabhadh deireannach a thoirt do
dhaoine mus faigh iad ASBO. (Tha 52 ag
aontachadh ris an seo agus tha 32 na aghaidh).
8(No Transcript)